Mairi Bhan (Fair-Haired Mary)

The Lochies

Gaol mo chridhe-sa Màiri Bhàn, Màiri bhòidheach, sgeul mo dhàin, 'S i mo ghaol-sa Màiri bhàn, 'S tha mi dol ga pòsadh.

'S ann aig cèilidh aig a' Mhòd Thachair mise ris an òigh; 'S ise choisinn am bonn òir, 'S tha mi dol ga pòsadh.

Gaol mo chridhe-sa Màiri Bhàn, Màiri bhòidheach, sgeul mo dhàin, 'S i mo ghaol-sa Màiri bhàn, 'S tha mi dol ga pòsadh.

Thuit mi ann an gaol a-raoir, Tha mo chridh-sa shuas air beinn; Màiri Bhàn rim thaobh a' seinn, S tha mi dol ga pòsadh.

Gaol mo chridhe-sa Màiri Bhàn, Màiri bhòidheach, sgeul mo dhàin, 'S i mo ghaol-sa Màiri bhàn, 'S tha mi dol ga pòsadh.

Bidh mo ghaol do Mhàiri Bhàn Dìleas, dùrachdach gu bràth; Seinnidh sinn da chèil' ar gràdh, 'S tha mi dol ga pòsadh.

Lyrics Submitted by Callum Bundy

Lyrics provided by https://damnlyrics.com/