O, 's ann tha na diùlnaich thall
Air an taobh ud dhen a' Bheinn:
Fhuair iad fearann ann gun taing
Bhon an aingidh rinn am mealladh.
O, 's ann tha na diùlnaich thallFhad 's a bhios an linn seo beò
Bidh cuimhn' air cainnteanas Lloyd George:
Gheall e fearann do na seòid,
Ach na thill beò dhiubh, 's mòr an gearain.
O, 's ann tha na diùlnaich thallNuair a thuig na gillean còir
Gu robh an Government fo sgleò
'S nach robh cainnteanas Lloyd George
Ach mar cheò a' falbh à sealladh,
O, 's ann tha na diùlnaich thall
Chruinnich iad is fhuair iad pìob,
'S am port a chluich iad Morair Sìm,
'S cha robh fear a bha san sgìr'
Nach robh cruinn aig roinn an fhearainn.
O, 's ann tha na diùlnaich thallThàinig Raghnall le mòr‑uaill,
Le each 's le ghunna dol mun cuairt:
'S gann a bhruidhneadh e le gruaim -
Thug e 'n dualchas ud bho sheanair.
O, 's ann tha na diùlnaich thallAn Dotair Moireach, suas a chliù,
Faic mar thagair e sa chùis:
Thug e mach iad às an tùr
Gu an saors' a dheòin 's a dh'aindeoin.
O, 's ann tha na diùlnaich thall
Sguiridh mise nis dhem dhàn:
'S e mo dhùrachd sibh bhith slàn,
Le bhur sabhail mhòra làn
Leis a' ghràn gu àird nan sparran.
O, 's ann tha na diùlnaich thall
Song Discussions is protected by U.S. Patent 9401941. Other patents pending.