damnlyrics.com

Turas San Lochmor (Journey in the Lochmor)

An nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:

Gu falbhainn dh'aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall,

Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann -

Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram.Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn,

A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor;

Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn ‑

Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò.Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir

A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr,

Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑

Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt'.Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath,

Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh;

Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt,

'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan.

Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth,

Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;

Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì ‑

An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn.On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr,

Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;

Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd,

Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth.B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt',

Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an Tì as Àird;

Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt' ‑

Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir,

Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs':

Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh

Gu gabhail ro aon ànranach a dh'fhàgadh an Lochmor.

Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:

A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;

Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs',

Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor!

Song Discussions is protected by U.S. Patent 9401941. Other patents pending.

Enjoy the lyrics !!!